Iain Ghlinn Cuaich (Orchestrated)

Lyrics: Ged Grimes/Eilidh Cormack Music: Ged Grimes/Eilidh Cormack O Iain Ghlinn' Cuaich Fear do choltais cha dual da fàs, Cùl bachlach nan dual 'S e gu camlùbach suas gu bhàrr. 'S i do phearsa dheas ghrinn A dh'fhàg mise cho tinn le gràdh, 'S nach eil cron ort ri inns O mhullach do chinn gu d' shàil
Ach an trian dhe do chliù Cha chuir mise a rùin an cèill 'S caoimh faiteal dhe d' ghnùis Na ùr choille do dhriùchd ri grèin' Gum b' e miann mo dhà shùil A bhith 'sealltainn gu dlùth a d' dhèidh 'S math a b' airidh mo rùn-s' Air ban-oighre a' chrùin fo sgèith.
Iain, Iain, a ghaoil Cuim' a leig thu mi faoin air chùl, Gun ghuth cuimhn' air a' ghaol A bha againn araon air tùs? Cha tug mise mo spèis Do dh'fear eile fon ghrèin ach thu, Is cha toir às do dhèidh Gus an càirear mo chrè san ùir.
Ged a chinn thu rium fuar Bheil thu, Iain, gun truas 's mi 'm chàs, 'S a liuthad là agus uair Chuir thu 'n cèill gum bu bhuan do ghràdh? Ach ma chaochail mi buaidh 'S gun do choisinn mi t'fhuath na t-fhearg, Tha mo bheannachd ad dhèidh 'S feuch an tagh thu dhut fhèin nas fhèarr.